Eachdraidh ghoirid dhen Chomann

Anns an Dùbhlachd 1891, aig Taigh-òsta na Cruinne ann an Cathedral Yard, Exeter, chuir deichnear Albannaich rompa an comman a chur air bhonn.  Aig an toiseach bha beagan a bharrachd air deichnear fhear air fhichead nam buill, le cuid aca à Tiverton agus Torquay.  Bha an comann air a stèidheachadh airson Albannaich a bha a’ fuireach ann an sgìre Exeter a thoirt còmhla airson cultar na h-Alba a chumail beò fhad ’s a bha iad air falbh bhon dùthaich aca fhèin agus mar dhòigh air Alba agus a cultar àrdachadh am measg muinntir an àite.  Chumadh a’chiad dhìnnear bhliadhnail ann an 1892 aig Taigh-òsta na Cruinne agus chosg e 3 tastan agus 6 sgillinn gach duine.  B’ e aon de na prìomh amasan aig a’ chomman anns na bliadhnaichean tràtha, taic a chur ri Albannaich bhochda a bha a’ fuireach ann an Exeter agus mun cuairt air aig an àm sin. An-diugh ge-tà, tha sinn ag amas air caochladh thachartasan sòisealta a chur air dòigh airson na ballrachd againn.

’S e Oidhche Bhurns a’ chiad thachartas formeil dhen bhliadhna.  Tha e ga cumail air an Disathairne as fhaisge air 25mh am Faoilleach agus mar as trice tha tòrr dhaoine ann.  Tha sinn cuideachd a’ feuchainn deireadh sheachdain a chur seachad ann an taigh-òsta aig ceann an Iar Dheas na dùthcha, mar as trice anns na mìosan tràtha dhen bhliadhna.  As t-Earrach, bidh Oidhche Ceòl na h-Alba, no Cèilidh, ann - cothrom dhuinn ar tàlantain a dhearbhadh!  As t-Samhradh, mar as trice bidh latha goilf ann airson daoine a tha ag iarraidh “cuairt fhada a mhilleadh” agus BBQ agus croquet airson daoine le spiorad farpaiseach.

Tha clasaichean dannsa (Albannach) gan cumail Dihaoine gach dàrna seachdain bhon t-Sultain gus a’ Chèitein.  Tha teisteanasan aig na tidsearan bhon RSCDS (Royal Scottish Country Dance Society) ged nach eil cuideam mòr ga chur air foirmeileachd ach air toileachas, agus tha na feasgaran seo nan tachartasan mòra sòisealta a chòrdas ri mòran den bhallrachd.

’S dòcha gur e Oidhche Naomh Anndra prìomh thachartas na bliadhna. Bidh e ga cumail air an Dihaoine as fhaisge air 30mh an t-Samhain.  ’S e tachartas nas fhoirmeile a tha seo, agus mar as trice tha Lord Mayor Exeter an làthair.

 

Translation: (Paul Edwards / Sheila Kidd)